Luaidh ga dhèanamh air Ailig Dòmhnallach

  • 29 Am Màrt 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Aithris air beatha Ailig Dhòmhnallaich.

Chaochail an craoladair ainmeil Ailig Dòmhnallach - Ailig Hearach - aig aois 83.

Rugadh is thogadh Ailig ann an Sgarastadh anns na Hearadh agus 's e bràthair don chraoladair, Finlay J Dòmhnallach, a bh' ann.

Bha e ainmeil na òige airson cho fut 's a bha e mar lùth-chleasaiche, agus b' e sin a thagh e mar dhreuchd, a' teagaisg lùth-chleasachd is PE anns na Hearadh an toiseach 's an uairsin ann an Inbhir Nis.

Ach ged a b' e fear-teagaisg a bh' ann gu proifeiseanta, 's iomadh prògram a lìbhrig Ailig air BBC Radio nan Gàidheal fad iomadh bliadhna.

Bha e gu sònraichte aithnichte air Na Dùrachdan, ach bha e an sàs ann an Aithris na Maidne cuideachd aig aon àm, agus prògraman leithid Cuireamaid Ceist is Fonn is Aria.

"Bha a bhith ag obair air Na Dùrachdan còmhla ri Ailig mar gum biodh tu a' tighinn gu cèilidh", thuirt Mairead NicIllinnein, a tha os cionn nan Dùrachdan an-diugh.

"Fhad 's a bhiodh an ceòl is na h-òrain a' cluich, bha sinn a' faighinn seanchas. 'S iomadh naidheachd a chuala mise mu dheidhinn nuair a bha iad ri mì-mhòdh anns an òstal ann am Port Rìgh, is bha e cho eòlach air uimhir de dhaoine.

"Bha e math air seanchas is bha cuimhne air leth aige air rudan a bha èibhinn is bha dòigh aige air sin a chur tarsainn. Bha blàths is coibhneas na lùib is bha e dàimheil ri daoine cuideachd.

"Bha guth aige cuideachd, an seòrsa guth a bh' aige, 's e sin an seòrsa pearsa a bh' aige.

"Chan e nach toireadh e glamadh an-dràsta is a-rithist ort ma bha thu a' dèanamh rud ceàrr, ach sin a dh'fhàg am prògram cho soirbheachail, o chionn bha thu mar gum biodh tac an teine còmhla ris", thuirt Mairead.

Chuir Ailig Dòmhnallach seachad bliadhnaichean ann an Inbhir Nis far an do thog e fhèin agus a bhean Sheila dithis mhac.

Bha Ailig air a bhith tinn 'son greis.