Gearraidhean mòra aig na bùird-shlàinte

  • 29 Am Màrt 2017
NGS na Gàidhealtachd

Chuala Bòrd NHS na Gàidhealtachd gum feum iad co-chomhairle phoblach fharsaing a dhèanamh air na planaichean aca gus £100m a shàbhaladh thairis air trì bliadhna.

Dh'aontaich am bòrd na sàbhalaidhean Dimàirt.

Tha oifigich ag ràdh gu bheil cosgaisean a tha ag èirigh, duilgheadas fastaidh agus aois an t-sluaigh uile a' cur ris an uallach a th' orra.

Dh'aidich buill a' bhùird nach biodh na planaichean a' còrdadh ris a h-uile duine, agus thuirt iad gum feum a' bhuidheann èisteachd ri draghan a nochdas sa cho-chomhairle.

Coinnichidh Bòrd Amalachaidh Slàinte 's Cùram Sòisealta Earra-Ghàidheal is Bhòid Diciadain gus am buidseat acasan a stèidheachadh.

Feumaidh iad gearraidhean £20m a dhèanamh thairis air dà bhliadhna.

Bidh còmhraidhean ann cuideachd mu na tha an dàn do dhachaigh-cùraim Auchinlee ann an Ceann Loch Chille Chiarain.

Bha cunnart ann gun rachadh an dachaigh a dhùnadh, ach tha moladh ann a-nise gun tèid a cumail fosgailte.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile