SNH gus gràinneagan nan eilean fhuadachadh

  • 29 Am Màrt 2017
Gràinneag

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba an dòchas maoineachadh fhaighinn airson na gràinneagan air fad a ghluasad às na h-Eileanan an Iar.

Chan eil na beathaichean dùthchasach dha na h-Eileanan agus tha dragh air mòran gu bheil iad ag ithe uighean nan eun grunnachaidh.

Chaidh seachd de na beathaichean a chur a dh'Uibhist a Deas ann an 1974 a dh'ithe sheilcheagan.

Thar nam bliadhnaichean, dh'èirich an àireamh dhiubh gu mòr.

Thòisich pròiseict airson dèiligeadh ris an trioblaid is eunlaith nan eilean a dhìon ann an 2001.

Tha SNH a-nise ag iarriadh a h-uile gin de na gràinneagan ann an Uibhist a Deas agus Beinn nam Fadhla a ghlacadh agus a ghluasad a Thìr-Mòr.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil iad air rannsachadh a thòiseachadh air maoineachadh fhaighinn airson a' phròiseict a thoirt air adhart.

Chaidh na ceudan de ghràinneagan a ghluasad às na h-eileanan bho 2002.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile