Airgead-dìolaidh do Chol Uarach?

  • 28 Am Màrt 2017
Col Uarach Image copyright Donald Lawson/Geograph

Nochd beachd gum faodadh croitearan an Col Uarach ann an Leòdhas airgead-dìolaidh a shireadh, agus na Poilis a-nis air innse nach deach an lagh a bhriseadh le comataidh ionaltraidh a' bhaile.

Chaidh rannsachadh a dhèanamh air mar a bha rathad san sgìre air a leasachadh le taic-airgid bho Chomhairle nan Eilean Siar ann an 2008 às dèidh mar a chaidh ceist a thogail mun chùis le constabal ionaltraidh a chuireadh dhan bhaile, Cailean Souter.

Dh'fhàg esan an dreuchd sin air deireadh na bliadhna an-uiridh.

Tha Coinneach Dòmhnallach à Col Uarach ag ràdh nach eil an gnothach idir seachad dhaibhsan, ge-tà.

"Bha fios againne deamhnaidh math nach robh sinne air càil a dhèanamh ceàrr anns a' ghnothach," thuirt e.

"Agus tha sinn uabhasach toilichte a-nise gu bheil na Poilis ag aontachadh ri sin.

"Ach tha sinn a' smaointinn gun tug e cus ro fhada mus d' fhuair sinn am fiosrachadh.

"'S iontas leamsa gur e deireadh na cùise a th' ann fhathast, oir saoilidh mi gum bi sinn fhèin agus a' Chomhairle cuideachd a-nis a' lorg airgid-dhìolaidh bhon Riaghaltas, oir cha ronbh cuid no gnothach aig a' Choimisean a bhith a' sealltainn ri seo sa chiad àite," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo