Coinneamhan nan gartan an Uibhist

  • 27 Am Màrt 2017
Gartan làn

Tha cuireadh ga thoirt do mhuinntir Uibhist a dhol gu coinneamhan an t-seachdain seo far am faigh iad fiosrachadh mu ghartain agus na cunnartan a dh'fhaodadh a bhith an cois nam biastan beaga.

Thathas a' coireachadh nan gartan airson tinneas Lyme a sgaoileadh.

Sheall fiosrachadh an-uiridh gu bheil an àireamh dhaoine le tinneas Lyme ann an Uibhist gu math nas àirde na an àite sam bith eile 's na h-Eileanan an Iar.

Chaidh a dhearbhadh gun do thog 165 duine an tinneas Lyme ann an Uibhist thairis air ceithir bliadhna.

Aig an aon àm, a rèir fiosrachaidh bho ionadan meidigeach air feadh nan Eilean Siar, cha deach ach aon chùis a dhearbadh ann an Leòdhas agus na Hearadh, agus trì ann am Barraigh.

Gheibh daoine fiosrachadh aig na coinneamhan mu thinneas Lyme is dè ghabhas dèanamh mu cho bitheanta 's a tha e ann an Uibhist.

Cluinnear cuideachd air mar a bu chòir do dhaoine an dìon fhèin bho ghartain, is dè bu chòir dhaibh a dhèanamh ma thèid am bìdeadh.

Bidh na coinneamhan ann an Talla Staoineabrig an t-seachdain seo aig na h-amannan a leanas:

Diardaoin 7:00f - 9:00f (Tachartas fosgailte).

Dihaoine 10:30m - 2:15f (Feumar clàradh airson seo) .

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile