Dùil ri aithisg an Louisa

  • 27 Am Màrt 2017
BBC

Tha dùil gun tèid aithisg mun bhàta-iasgaich, an Louisa, fhoillseachadh an ceann mìos.

Chaill triùir am beatha nuair a chaidh am bàta fodha far Mhiùghalaigh sa Ghiblean an-uiridh.

Chaidh cuirp Chris Mhoireasdain, 27, às na Hearadh agus Mhàrtainn MhicIain, 29, à Hàcraig ann an Gallaibh a lorg às dèidh na tubaiste.

Cha d'fhuaireadh lorg air an sgiobair, Pòl Alliston, 42, à Leòdhas.

Chaidh aig fear eile a bha air bòrd snàmh gu tìr.

Thog Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (MAIB) an Louisa far grunnd na mara airson sgrùdadh a dhèanamh oirre.

Dhearbh an MAIB gu bheil an aithisg aca a-nise a' dol a-mach gu conaltradh.

Thèid na co-dhùnaidhean fhoillseachadh gu poblach an ceann mìos cho fad 's gu bheil a h-uile taobh riaraichte leotha.

Tha teaghlaichean an fheadhainn a chaill am beatha am measg na tha a' faighinn cothrom beachd a thoirt air an aithisg.