Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Alba

Bidh Theresa May agus Nicola Sturgeon a' coinneachadh feasgar an-diugh airson a' chiad uair bho thuirt am Prìomhaire nach eil i ag iarraidh an dàrna referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba ro Bhrexit. Thuirt Sràid Downing gu bheil iad an dòchas gum bi còmhradh feumail ann, ach gun can a' Bh-Ph. May a-rithist nach e seo an t-àm ceart airson bhòt eile ann an Alba.

Èirinn a Tuath

Tha coltas ann nach tèid co-bhanntachd riaghlaidh a stèidheachadh ann an Èirinn a Tuath ron cheann-ùine feasgar an-diugh. Tha an DUP agus Sinn Féin a' cur coire air a chèile airson sin. Thig air Rùnaire Èireann a Tuath co-dhùnadh an uair sin am bi taghaidhean eile ann, riaghladh a dhèanamh dìreach à Westminster no tuilleadh ùine a thoirt dhaibh airson tighinn gu aonta.

BT

Thuirt BT gu bheil iad fìor-dhuilich mu na mearachdan as coireach gun deach a' chain as motha fhathast, £42m, orra. Tha a' bhuidheann riaghlaidh, Ofcom, air BT a pheanasachadh airson nach tug iad airgead-dìolaidh gu leòr do chompanaidhean eile a dh'fhulaing leis nach do chuir meur Openreach aig BT loidhnichean bann-leathainn ùra luath an sàs mar a bu choir.

An Louisa

Thàinig dearbhadh bho Bhuidhinn Rannsachaidh nan Tubaistean Mara gun deach an aithisg oifigeil mun bhàt-iasgaich an Louisa, a chaidh fodha far Mhiughlaigh anns a' Ghiblean an-uiridh, a-mach gu conaltradh. Thèid na co-dhùnaidhean fhoillseachadh an ceann mìos cho fad 's gu bheil a h-uile taobh riaraichte leotha. Tha teaghlaichean an triùir a chaill am beatha am measg na tha a' faighinn cothrom beachd a thoirt air an aithisg.

Col Uarach

Dhearbh Poileas Alba nach do rinn comataidh ionaltraidh Chuil Uaraich ann an Leòdhas dad mì-laghail nuair a ghabh iad taic-airgid bho Chomhairle nan Eilean Siar airson rathad anns an sgìre a chàradh ann an 2008. Bha na Poilis air a bhith a' rannsachadh na cùise on t-Samhain an-uiridh, an dèidh dhan chonstabal ionaltraidh a bh' ann, Cailean Souter, fios a chur orra agus e a' ceasnachadh an deach an lagh a bhriseadh. Chaidh Mgr Souter a chur dhan dreuchd an dèidh do Choimisean na Croitearachd a' chomataidh ionaltraidh a bha ann a chur a-mach às oifis anns a' Ghiblean an-uiridh.

Bòrd na Gàidhlig

Tha Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba a' ceasnachadh mar a chaidh ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona Nic'illInnein fhastadh leis gun robh Boyd Robasdan, ceannard Shabhal Mòr Ostaig dhan robh ise ag obair aig an àm - air a' phannal a thug an obair dhi. Thuirt am Bòrd gun deach a h-uile dad a dhèanamh mar a bu chòir, agus gu bheil neach-faire neo-eisimeileach riaraichte le sin.