Fear-baidhsagail air a dhroch leòn an Àird na Murchan

  • 27 Am Màrt 2017
Heileacoptair eiridinn Image copyright Iain Dyer

Chaidh fear-baidhsagail a dhroch leòn às dèidh dha bualadh ann an caora air rathad ann an Àird nam Murchan.

Thachair an tubaist Disathairne faisg air Cille Chòmhghain.

Chaidh am fear-baidhsagail, a tha eadar 30 is 40 bliadhna de dh'aois a thogail le heileacoptair eiridinn agus chaidh a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Thuirt Poileas Alba gun robh an duine air a dhroch ghoirteachadh agus chaidh a ghluasad gu ospadal ann an Glaschu airson leigheis.

Bha Iain Dyer, à Tobar na Màthar, san sgìre aig an àm.

Thuirt e gum b' fheudar don chriutha an heileacoptair a laighe air rathad gu math cumhang agus rinn e moladh air cho proifeiseanta 's a bha na sgiobaidhean èiginn.