Banca na h-Alba tabhainn leisgeul
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Banca na h-Alba tabhainn leisgeul às dèidh gearain

27 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Banca na h-Alba air maitheanas iarraidh bho muinntir na Hearadh, a tha air a bhith a' gearan mun t-seirbheis a tha iad a' faighinn bhon bhanca air an Tairbeart.

Tha Comhairle Coimhearsnachd Ceann a Tuath na Hearadh ag ràdh gu bheil mì-chìnnt ann mu na làithean a bhios am banca fosgailte, gu tric dà là seach trì, agus gu bheil an ATM gu tric briste air neo gun airgead.