Seile air gleus

  • 27 Am Màrt 2017
Caman

Tha Ceann Loch Seile fhathast gun chall am-bliadhna às dèidh dhaibh Ceann a' Ghiuthsaich a chur a-mach à Cupa MhicThàmhais.

B'e sgioba Bhàideanach a bha air thoiseach tro Roddy Young ach dh'fhàg tadhail bho Jordan Friseal is Scott MacIlleathain Seile le làmh an uachdair 2-1 aig letheach slighe.

Bha coltas ann gun robh Màrtainn Dallas (77) air Ceann a' Ghiuthsaich a shàbhaladh, ach nochd Ce MacRath leis an tadhal a bhuannaich an geama 3-2 dha Seile anns na dìogan mu dheireadh.

Thèid Ceann Loch Seile a-nise dhan Mhanachainn san ath-chuairt.

Call

Chaill Camanachd an Eilein Sgitheanaich 'son a' chiad uair am-bliadhna is a' dol a-mach à Cupa MhicThàmhais ann an Srath Pheofhair.

Thòisih Cabair Fèidh le brag aig Caisteal Leòid le tadhail bho Chaoimhinn Bartlett (15, 23) is Ben Dòmhnallach (16) gan cur 3-0 air toiseach tràth sa gheama.

Fhreagair na Sgitheanaich tro Sheumas Pringle (34) is Jordan Murchison (48), ach dh'fhaillich orra tadhal eile a lorg is Cabair Fèidh a' dol troimhe dhan ath-chuairt far an cluich iad an aghaidh a' Ghearasdain no Baile Ùr an t-Slèibh.

Anns na geamaichean eile ann an Cupa MhicThàmhais Disathairne thug Lòbhat pronnadh 9-2 air Srath Ghlais, Greg MacMathain le ceithir dhuibh, is chaidh Gleann Urchadain air adhart 3-1 an aghaidh Loch Abair.

Bha geama air leth sa Phrìomh Lìog eadar Camanachd an Òbain is Caol Bhòid.

Air ais is air adhart

Chaidh an geama air ais is air adhart le sgioba an Òbain air thoiseach 1-0 is 3-2.

Chuir Ruairidh Dòmhnallach balaich Thaigh na Bruaich co-ionnan aig 3-3 is nochd an uairsin Gòrdan MacIlleBhàin (83) 'son a' gheama a bhuannachadh dha Caol Bhòid 4-3 is iadsan gun chall fhathast.

Bha deagh là aig Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal cuideachd is iad a' soirbheachadh 2-1 air falbh an aghaidh Chill Mhàillidh.

Ann an Lìog Tuath 1 chaill darna sgioba Chinn Loch Seile 1-0 ris a' Mhanachainn, is bhuannaich Ceann a' Ghiuthsaich 2-1 ann am Port Rìgh an aghaidh darna sgioba an eilein.

B'e 5-0 a bh' ann dha Srath Spè an aghaidh nan Leòdhasach ann an Lìog Tuath 2.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile