Mì-thoileachas aiseig ann an Uibhist

  • 27 Am Màrt 2017
MV Hebrides
Image caption Thathas ag ionndrainn an Hebrides ann an Uibhist.

Nochd dragh nach eil na h-aiseagan a tha an-dràsta air an t-slighe eadar Loch nam Madadh agus Ùige freagarrach, is gu bheil an gnothach a' toirt droch bhuaidh air eaconamaidh Uibhist.

Tha an MV Hebrides, a tha mar as àbhaist air an t-slighe, an-dràsta na tàmh agus obair-càraidh ga dèanamh oirre.

Anns an eadar-ama 's e an MV Hebridean Isles agus an MV Isle of Arran a tha na h-àite.

Tha gearanan ann, ge-tà, nach eil iadsan a' seòladh cho tric nuair a tha droch thìde ann agus gu bheil an eaconamaidh ann an Uibhist a' fulang ri linn.

"Tha seo a' cur gach gnìomhachas anns an eilean fo uallach sgriosail uile gu lèir", thuirt Tormod MacAsgaill, aig a bheil companaidh làraidhean ann an Uibhist.

"Tha droch thìde ann, ach tha làithean ann nach robh an tìde cho fìor dhona agus nar beachdsa, cha robh dad a leisgeul ann nach robh bàtaichean a' seòladh.

"Ma 's e siud bàtaichean a bha iad a' smaointinn a dhèanadh a' chùis anns na h-uisgeachan seo bha iad fada, fada ceàrr, agus chaidh seo innse dhaibh chan e aon trup ach leth dhusan trup bho chionn bhliadhnaichean air ais.

"Tha an t-àm aig cuideigin rudeigin sgriosail a dhèanamh mu dheidhinn seo agus stad a chur air", thuirt e.

Tòisichidh aiseag ùr air an t-slighe seo an ath-bhliadhna.

Thuirt Mgr MasAgaill gum bu chòir do ChalMac dèanamh cinnteach gun tèid bàtaichean a tha, na bheachd, nas fhreagarraiche a chur air an t-slighe àm sam bith a tha an Hebrides air falbh eadar seo is an uairsin.

Thuirt CalMac gu bheil dùil ris an Hebrides air ais air an t-slighe aig deireadh na seachdain.

Thuirt iad gur e co-dhùnadh dhan sgiobair a th' ann am bu chòir seòladh agus gur e sàbhailteachd an rud as cudromaiche dhaibh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile