Daoine a' gluasad a Thòrr na Grèine

  • 27 Am Màrt 2017
Tòrr na Grèine Image copyright Tòrr na Grèine

Tha daoine air tòiseachadh a' gluasad a bhaile ùr Thòrr na Grèine, faisg air Inbhir Nis.

A rèir an luchd-leasachaidh, 's e seo a' chiad bhaile ùr ann an Alba airson còrr air 50 bliadhna.

Nochd na planaichean an toiseach bho chionn còrr is deich bliadhna.

Bhòt comhairlichean 17-3 airson cead a thoirt dhan leasachadh ann an 2012.

B' e Iarla Mhoireibh a smaoinich air baile ùr a thogail agus 's ann air an oighreachd aige a tha e.

Chan e bailtean ùra bhon linn mu dheireadh mar Chomar nan Allt is Cille Brìde an Ear am modail a th' aig an luchd-leasachaidh, ach bailtean ùra nas sine agus nas lugha a chaidh a thogail air an tuath anns an 18mh linn agus an 19mh linn.

Tha iad airson coimhearsnachd bheothail a chruthachadh le dachaighean de dhiofar mheudan, bùithdean, gnìomhachasan, seirbheisean agus pàircean.

Thathas an dòchas air a' cheann thall gum bi 12,000 duine a' fuireach ann an Tòrr na Grèine.