Ceann-suidhe ùr a' Chomuinn

  • 27 Am Màrt 2017
Ailean Caimbeul

Chaidh Ailean Caimbeul ainmeachadh mar cheann-suidhe ùr a' Chomuinn Ghàidhealaich.

Bidh Mgr Caimbeul a' gabhail àite Iain MhicLeòid, a dh'fhàg an dreuchd às dèidh deich bliadhna mar cheann-suidhe air a' Chomunn.

Tha Mgr Caimbeul, a bhuinneas dhan Eilean Sgitheanach bho thùs, air a bhith na stiùiriche air bòrd a' Chomuinn fad ochd bliadhna, agus air a bhith an sàs ann an obair na buidhne agus sa Mhòd Nàiseanta Rìoghail fad iomadach bliadhna.

B' e cuideachd a' chiad cheannard a bh' aig Bòrd na Gàidhlig, is bha e ron sin os cionn Chomann na Gàidhlig.

Dh'innis an Comunn cuideachd gu bheil Seònaid NicDhòmhnaill air a dreuchd a leigeil dhith mar Stiùiriche a' Mhòid.