Dìon air pròiseas fastaidh a' Bhùird

  • 27 Am Màrt 2017
Bòrd na Gàidhlig

Chuir Bòrd na Gàidhlig dìon air a' phròiseas a bh' aca gus ceannard a thaghadh an-uiridh is ceistean air nochdadh mu dheidhinn.

'B i Shona NicIllinnein, a bha ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig, a fhuair an obair.

Thàinig e am bàrr gun robh an ceannard aice aig an àm, Prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig, Boyd Robastan, air a' phannal fastaidh a thagh i 'son obair a' Bhùird.

Nochd na Tòraidhean ann an Alba beachd mun chùis, is iad ag ràdh gu bheil ceistean ann mu shoilleireachd a' phròiseis.

Thuirt neach-labhairt bho na Tòraidhean gun robh e cudromach gum biodh fastadh dha dreuchdan den leithid air a dhèanamh ann an dòigh cho follaiseach is a ghabhas, no gu bheil cunnart ann gun caill daoine earbsa sa ghnothach.

Dìon

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gun robh am pròiseas "cothromach agus follaiseach".

"Chaidh na buill den phannal a chur nan dreuchd mus deach iarrtasan iarraidh airson dreuchd a' cheannaird, agus rinn Shona NicIllinnein gu math soilleir nuair a chuir i iarrtas a-steach gun robh an t-Oll. Boyd Robasdan na mhanaidsear aice", thuirt neach-labhairt a' Bhùird.

"Fad na h-ùine a bha Bòrd na Gàidhlig an sàs ann a bhith a' trusadh ceannaird ùir, fhuair am pannal ris an robh e an urra an ceannard ùr a thaghadh taic bho neach-amhairc neo-eisimeileach.

"Rinn an neach-dreuchd sin cinnteach gun deach am pròiseas a chur an sàs ann an dòigh chothromach agus fhollaiseach airson a h-uile tagraiche agus aig gach ìre den phròiseas.

"Mar phàirt de sin bha an neach-amhairc an làthair aig na còmhraidhean tràth eadar cathraiche a' Bhùird agus na tagraichean a bh' air a' gheàrr-liosta, agus bha an neach-amhairc cuideachd an làthair aig na h-agallamhan deireannach a chaidh a chumail le daoine bhon gheàrr-liosta.

Neo-eisimeileach

"Bha an t-Oll. Robasdan ann nuair a chaidh bruidhinn air an iarrtas aig Shona NicIllinnein.

"Chaidh a chlàradh leis an neach-amhairc neo-eisimeileach gun robh e riaraichte gun deach Shona NicIllinnein a chur an dreuchd às dèidh cheumannan trusaidh a bha an dà chuid cothromach agus follaiseach", thuirt an neach-labhairt.

Thuirt an t-Oll. Robasdan fhèin gun robh e an toiseach a' faireachdain "an-shocair" mun t-suidheachadh, ach gun deach iarraidh air fuireach air a' phannal seach gun robh a h-uile duine air a' phannal "an ìre mhath eòlach" air a h-uile neach a bha a' dol a dh'fhaighinn agallamh.

Dh'innis e gun robh e fhèin eòlach air gach tagraiche, is gun robh ceangal air choireigin ri Sabhal Mòr Ostaig aig a' mhòr-chuid dhiubh.

Thuirt e cuideachd gum faodadh ceangal ri neach-obrach obrachadh dà rathad, nam fàbhar no nan aghaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile