Cha deach an lagh a bhriseadh an Col Uarach

  • 27 Am Màrt 2017
Caoraich

Dhearbh Poileas Alba nach do bhris Comataidh Ionaltraidh Chuil Uaraich lagh sam bith co-cheangailte ri pròiseict gus rathad san sgìre a leasachadh.

Bha a' chasaid air nochdadh às dèidh mar a chaidh a' chomataidh a chur às òifis le Coimisean na Croitearachd an-uiridh.

Chuir an Coimisean a' chomataidh ma sgaoil 's iad a' fàgail orra nach robh iad air làn-sgrùdadh a dhèanamh air na cunntasan aca.

Chuir iad an uairsin constabal ionaltraidh, Cailean Souter, os cionn ghnothaichean a' bhaile.

Leisgeul

Air a' cheann thall, ge-tà, dh'aidich Coimisean na Croitearachd gun do rinn iad co-dhùnaidhean ceàrr a thaobh buaireadh nan comataidhean ionaltraidh, is dh'iarr iad air croitearan an leisgeul a ghabhail.

Dh'iarr croitearan Chuil Uaraich an uairsin air Mgr Souter a dhreuchd fhàgail, ach nuair a rinn e sin chuir e fios air na Poilis is e a' ceasnachadh an deach airgead a' bhaile a chosg gus rathad do Ghearraidh Ghuirm leasachadh.

Thuirt na croitearan bho thùs nach do chosg iadsan sgillinn air an rathad sin.

Thuirt iad gur e airgead a bh' ann a thug comhairlichean na sgìre dhaibh, agus gun do chuir Comhairle nan Eilean Siar an aon shuim ris a' phròiseact cuideachd.

Tha Poileas Alba a-nis air dearbhadh gu bheil an rannsachadh aca seachad agus nach deach lagh sam bith a bhriseadh.

Chuir iad fios air na croitearan, Comhairle nan Eilean Siar is Coimisean na Croitearachd.

Fàilte

Thuirt an Coimisean gun robh iad mothachail air co-dhùnadh nam poileas is gu bheil iad a' cur fàilte air.

Thuirt iad gu bheil iad ag aithneachadh gun robh rannsachadh nam poileas na uallach dha daoine, is gu bheil iad mar sin a' tabhainn leisgeul às ùr mar a rinn iad san t-Sultuin 2016.

Gheall iad gun ionnsaich iad leasanan sam bith a tha ag èiridh às a' ghnothach, is gun toir iad taic dhan chomataidh ùr ann an Col Uarach.

Chan eil suidheachadh Chuil Uaraich seachad fhathast, is a' chomataidh ionaltraidh ùr san sgìre fhathast a' feitheamh airson smachd fhaighinn air cunntas banca agus leabharaichean a' bhaile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile