Tagraidhean airson tuathanais an Uibhist
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Tagraidhean airson tuathanais Dhruim Mhòir an Uibhist

24 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha coignear air tagradh gu Stòras Uibhist 's iad airson Tuathanas Dhruim Mhòir a ghabhail air mhàl.

Tha Tormod MacAsgail, a tha an-dràsta na fhear a' bhaile, airson an obair a leigeil seachad.

Aig còrr is 2000 acair, 's e Druim Mòr an aon thuathanas air oighreachd Uibhist a Deas.

Tha na tagraidhean a-nisd gam measadh leis an uachdaran coimhearsnachd.