Comhairle na Gàidhealtachd an urra ri rèile dìon an tubaist bhàsmhor

  • 24 Am Màrt 2017
Daibhidh Bowes Image copyright PETER JOLLY/NORTHPIX
Image caption Thàinig an carbad aig Daibhidh Bowes far na drochide ann an Caolas Thunga

Tha teaghlach air cùis cùirte a ghlèidheil an aghaidh Comhairle na Gàidhealtachd, às dèidh màr a bhàsaich fireannach nuair thuit an carbad aige far drochaide.

Chaidh Daibhidh Bowes, a bha 46, a bhàthadh às dèidh don truca aige bualadh ann am barr-bhalla na drochaide ann an Caolas Thung ann an Cataibh agus thuit e dhan mhuir.

Bha an t-ùghdarras ionadail a' dol as aicheadh nan casaidean gur iad a bu choireach.

Ach cho-dhùin britheamh ann an Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann nach do choilean a' Chomhairle a dleastanas, an rèile sàbhailteachd a chàradh.

Airgead-dìolaidh

Tha an co-dhùnadh a' ciallachadh gum faod an teaghlach aig Maighstear Bowes airgead-dìolaidh fhaighinn bhon chomhairle.

Chualas anns a' chùirt gun do chaill Mgr Bowes, às a' Bhlàran Odhar smachd air a' charbad aige.

Chaidh an truca aige gu taobh eile an rathaid, shuas air a' chabhsair agus bhuail e anns a' bhalla mus do thuit e dhan mhuir.

Thuirt am breitheamh, am Morar Mulholland, nach rachadh Mgr Bowes a leòn gu ìre mhòir sam bith, neo fiù 's idir, nan robh an rèile-shàbhailteachd "ag obair mar bu chòir".

Cho-dhùin e nach robh Comhairle na Gàidhealtachd air an dleastanas a choileanadh gus dèiligeadh ri trioblaid leis a' bhalla agus siostam smachdachaidh son trafaig a chur an-sàs gus an rachadh a chàradh.

Obair càraidh bunaiteach

Dh'innseadh dhan chùirt gun robh einnseanair air sgrùdadh a dhèanamh air an drochaid air an A838 ann an 2005.

Mhol esan obair càraidh bunaiteach a dhèanamh air an drochaid gun dàil agus am barr-bhalla a chàradh san ath bhliadhna ionmhais.

Chaidh uireasbhaidhean a lorg san obair-tàthaidh eadar na puist agus na bunaitean.

Mhol an t-einnseanair casg-astair rè ùine a chur an-sàs a bharrachd air solais rathaid agus feansa eadar-amail.

Thòisichear a' cumail sùil air an drochaid ach sguir sin san Fhoilleach 2008.

Casg astair

Thuirt am Morar Mulholland: "Nam bheachd-sa, chan eil e dèanamh ciall sam bith gun deach stad a chur air an obair-sgrùdaidh chunbhalach, a' dol an aghaidh comhairle agus, ann an co-cheangail ri sàbhailteachd, a' ciallachadh nach robh fios aig an ùghdarras dè cho làidir sa bha am barr-bhalla, ma bha neart ann idir."

"Bhiodh am feansa eadar-amail còmhla ris na gnìomhan eile air casg a chur air astar charbadan agus a h-uile dùil nach biodh Mgr Bowes air a dhol far na drochaid gu a bhàs."

"Mar sin dheth, tha mi air co-dhùnadh gun deach a dhearbhadh nach do choilean an dìonadair an dleastanas gus dèiligeadh leis a' chunnart an lùib nan uireasbhaidhean sa bhalla agus leis nach do chuir iad siostam eadar-amail an sàs gus an deach na ballachan a chàradh."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile