Leasachadh £90m air Ospadal an Ràthaig Mhòir

  • 24 Am Màrt 2017
Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Dh'iarradh ceannardan a' bhùird slàint £76m a chosg air cruth-atharrachadh a thoirt air an ospadal.

'S dòcha gun tèid leasachadh luach faisg air £90m a dhèanamh air Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Beachdaichidh Bòrd NHS na Gàidhealtachd air a' phlana Dimàirt an 28mh dhen Mhàirt.

Bhiodh seo a thuilleadh air an sgeadachadh a tha a' dol mar-thà air na uardan taobh-staigh an togalaich.

Dh'iarradh ceannardan a' bhùird £76m a chosg air cruth-atharrachadh a thoirt air an ospadal.

Agus tha iad air £12.5m a bharrachd a chur a dhàrna taobh son obair leasachaidh air ballachan a' phrìomh thogalaich.

Sgeadachadh

Tha iad airson a dhèanamh aithnichte don riaghaltas Albannach gur e seo a th'aca san amhairc ma ghabhas an t-ionmhas cruinneachadh.

Thuirt neach-labhairt gur ann airson a dhèanamh deiseil do na bliadhnaichean ri teachd a bha iad leis an amas seo.

Thathar an-dràsta an teis-meadhan sgeadachaidh air na uardan a chosgas £28m.

Cuideachd an lùib nam planaichean, thathar a' coimhead ri toglaichean ùra ann an Inbhir Nis do dhotairean-teaghlaich.

Nochd iad cuideachd planaichean son togalach ùr aig Ospadal a' Bhelford sa Ghearsdan, luach mu £20m.

Agus thathar ag amas air piseach mòr a thoirt air Ospadal Ghallaibh ann an Inbhir Ùige.

Ach, aig an aon choinneimh Dimàirt, beachdaichear air £100m a shàbhaladh ann an cosgaisean ruith an NHS air Ghàidhealtachd.