Dragh mu dè tha an dàn don sgeama 'JogScotland'
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu dè tha an dàn do 'JogScotland'

24 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh ann mu dè a tha an dàn don sgeama 'JogScotland'.

Tha e air thighean am barr gun caill iad £100,000 den airgead a tha iad a' faighinn bho riaghaltas na h-Alba.

Tha an iomairt, a chaidh a stèidheachadh ann a 2002, a' brosnachadh dhaoine nach eil ri eacarsaich gus a bhith a' ruith.

Thuirt Luth-Chleasachd na h-Alba, a tha os cionn JogScotland, gu bheil iad air an oillteachadh leis an naidheachd.