Cù a bha a dhìth 12 là air a lorg beò an gil Abrach

  • 24 Am Màrt 2017
Cobhair ga dhèanamh air cù Image copyright Sgioba Teasairginn Loch Abair

Chaidh cù caorach a bha air a bhith a dhìth fad dusan là a shàbhaladh le sgioba teasairginn nam beann.

Chunnaic cuideigin a bha a' dol seachad ann an trèana air Rathad Iarainn nan Eilean an collaidh 'Nel' glaicte an gil ann am Bun Easa.

Chaidh buill bho Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair an sàs le ròpannan oidhche Ardaoin.

Rinn iad cobhair air a' chù a bha a' fulaing leis an fhuachd agus an t-acras air.

Image copyright Sgioba Teasairginn Loch Abair

Thuirt ceannard na sgioba, Iain Stephenson, gur ann le croitear san sgìre a tha an cù.

"'S e seann chù a th' ann agus chan eil e ga obrachadh tuilleadh agus bha e air a bhith a dhìth 'son dusan là."

"Chan fhaicear a-steach dhan ghil bho oir an rathaid, ach chunnaic dràibhear an trèana neo cuideigin a bha air bòrd an cù."

"Bha sinn a' cumail coinneimh comataidh aig an àm. Dh'fhàg sinn agus rinn sinn air an làraich."

Image copyright Sgioba Teasairginn Loch Abair

"Chan eil e domhain, ach chan fhaigh thu sìos às aonais ròpannan."

Thuirt e: "Bha an collaidh rud beag diùid agus bha beagan strì againn ga bhrosnachadh tighinn a-mach."

"Ach cha tug e fada idir. Bha an gnothach seachad ann an uair de thìde, agus 's e trèanadh a bh' ann don sgioba."

"Tha mi a' smaointinn gun robh e toilichte ar faicinn agus bha an croitear air a dhòigh an cù aige fhaighinn air ais."

Image copyright Sgioba Teasairginn Loch Abair