Gearan mu reataichean gnìomhachais
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Gearan mu reataichean gnìomhachais an Steòrnabhagh

24 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nì cuid de na companaidhean òstachd ann an Steòrnabhagh tagradh an aghaidh àrdachaidh mhòir anns na tha iad a' pàigheadh ann an reataichean gnìomhachais.

Tha iad a' gearan gu bheil na reataichean ùra, a tha a' tighinn aig àm nuair a tha cosgaisean ag èirigh anns an fharsaingeachd, a' dèanamh chùisean tòrr nas duilghe dhaibh.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil làn àm aig an riaghaltas coimhead ri suidheachadh eaconamach nan eilean, air neo nach fhada a bhitheas gnìomhachasan buan.