Tagraidhean airson tuathanais an Uibhist

  • 24 Am Màrt 2017
Drimore

Tha còignear air tagradh airson an aon tuathanas air oighreachd Uibhist a Deas a ghabhail thairis.

Dh'innis Tormod MacAsgaill dhan uachdaran, Stòras Uibhist, gun robh e a' leigeil seachad an tuathanais an-uiridh.

Bha Mgr MacAsgaill a' ruith Tuathanas an Druim Mhòir còrr air 30 bliadhna uile gu lèir.

Tha an tuathanas a' gabhail a-steach còrr air 2,200 acaire de thalamh àiteachais, de dh'ionaltradh agus de mhòintich.

Tha Stòras Uibhist air còig tagraidhean fhaotainn, a tha iad an-dràsta a' measadh mus tèid an tuathanas a chur a-mach air màl às ùr.

Thuirt iar-chathraiche Stòras Uibhist, Sarah NicEachain, gu bheil companaidh eòlaichean aca, Bidwells, a tha a' measadh nan tagraidhean agus gun cuir iad sin moladh air adhart ris a' bhòrd.

Misneachd

Thuirt i cuideachd gur ann à Uibhist fhèin a thàinig na tagraichean uile agus gu bheil e na mhisneachd mhòir dhaibh gu bheil muinnitr an àite fhèin air ùidh a nochdadh san tuathanas.

Tha dùil gun toir am pròiseas greis fhathast, ged a chaidh a' chiad cheum a ghabhail.