Dragh sna Hearadh mun t-seirbheis bhanca

  • 24 Am Màrt 2017
An Tairbeart Image copyright M J Richardson/Geograph

Tha sluagh na Hearadh air dragh a thogail mun t-seirbheis a tha ri fhaotainn bho Bhanca na h-Alba air an Tairbeart.

Tha mì-chinnt ann mu na làithean a bhios am banca fhèin fosgailte - uaireannan dà là, ach aig amannan eile, tha e fosgailte trì là san t-seachdain.

Chaidh dragh a thogail grunn thursan ron seo thar nam bliadhnaichean mu dheireadh gu bheil an aon inneal-airgid a th' anns a bhaile tric briste neo gu bheil e falamh de dh'airgead.

Tha Comhairle Choimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh air an cuspair a thogail le riochdairean pàrlamaideach na sgìre ron seo.

Thuirt cathraiche na buidhne sin, Iain MacLeòid, gur ann am miosad a tha cùisean air a dhol anns na seachdainnean mu dheireadh.

An-uiridh, dh'atharraich na làithean a bha am banca fhèin fosgailte bho cheithir gu trì.

Tha duilgheadas a' leantainn leis an inneal-airgid, a rèir Mhgr MhicLeòid, agus e ag ràdh gu bheil an t-seirbheis a-nise nas miosa na bha i an-uiridh.

Tha dragh sa choimhearsnachd gu bheil seusan an luchd-turais an ìmpis tòiseachadh agus gun cuir dìth a' ghoireis seo bacadh air an eaconamaidh ionadail.

Thuirt labhraiche do Bhanca na h-Alba gu bheil iad gu math duilich mu na trioblaidean a th'air a bhi ag èirigh leis an inneal airgid air an Tairbeart, 's gu bheil iad ag amas air duilgheadasan a chur ceart cho luath 's as urrain gus nach bi uidhear a dhroch bhuaidh aige air a' choimhearsnachd.

Tha iad ag ràdh cuideachd gu bheil iad duilich nach eil am banca fhèin air a bhi fosgailte ach dà latha seach a trì bho chionn ghoirid air sgàth cùisean luchd-obrach.

Thuirt an labhraiche gu bheileas a' tuigsinn a' bhuaidh a th'aig a seo air luchd-cleachdaidh 's gu bheileas a' coimhead air dòighean taic a chumail ris a' mheur anns an àm ri teachd.