Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Westminster

Tha na Poilis a tha a' rannsachadh na h-ionnsaigh air Westminster a' bhòn-dè ag ràdh gu bheil naoinear an grèim aca a-niste, an dèidh dithis eile a chur an grèim sna West Midlands agus ann an ceann an iar-thuath Shasainn. Tha Scotland Yard ag iarraidh fiosrachaidh mun cheannairceach, Khalid Masood, air an tugadh an t-ainm Adrian Russell Ajao nuair a rugadh e. Tha a' bhuidheann faisneis GCHQ den bheachd gun deach iompachadh gu Ioslam an dèidh ùine sa phrìosan.

'S chaidh an ceathramh duine a chaill a bheatha san ionnsaigh ainmeachadh. Bhuineadh Leslie Rhodes, a bha 75, do Streatham ann an ceann a deas Lunnainn. Chaochail e san ospadal an-raoir. Tha dithis eile fìor-ìosal anns an ospadal, agus tha dithis oifiearan poilis am measg na chaidh a dhroch-leòn.

Brexit

Thuirt Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jean-Claude Junker, nach bi an t-Aonadh Eòrpach a' peanasachadh Bhreatainn airson falbh às an EU, ach thuirt e gum feum Riaghaltas Bhreatainn dad sam bith a th' aca ri phàigheadh sin a dhèanamh mus fhalbh iad. Agus dhearbh e gur e suim faisg air £50bn air a bheil iad a' bruidhinn.

Faslann

Thòisich luchd-obrach sìobhalta aig an aonadh Unite aig ionadan a' Chabhlaich Rìoghail aig Faslann agus an Cùl-Phort air sreath stailcean 's iad a' gearan mu chòirichean. Cha tuirt a' bhuidheann dha bheil iad ag obair, Babcock Marine, dad fhathast mun t-suidheachadh.

Dotair na Pàirce

Chuala coinneamh ann an sgìre na Pàirce ann an Leòdhas an-raoir mun dragh a th' air cuid mu sheirbheis an dotair. Tha an t-uachdaran poblach, Urras na Pàirce, airson ionad agus seann taigh an dotair ann an Grabhair a cheannach dhan choimhearsnachd, agus tha moladh ann seirbheis an dotair a ghluasad a Chearsiadair. Tha dragh ann ge-tà, gum fulaing an t-seirbheis agus gum faodadh iad a call.