Reataichean nas ìsle a dhìth

  • 24 Am Màrt 2017
Steòrnabhagh Image copyright Chris Downer/Geograph

Nochd beachd gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba plana sònraichte a chur air adhart airson gnìomhachasan eileanach a chuideachadh.

Tha Seonaidh MacRisnidh, aig a bheil Taigh-Òsta a' Chounty ann an Steòrnabhagh, am measg òstairean eileanach a tha a' dol a thagradh an aghaidh àrdachaidh mhòir anns na reataichean a chaidh a chur orra.

Tha Mgr MacRisnidh ag ràdh gu bheil eileanan ann an dùthchannan eile a' faighinn taic shònraichte.

"Anns na còig bliadhna a chaidh seachad tha sinn air a bhith a' pàigheadh £20,000 anns a' bhliadhna, agus tha mi dìreach an dèidh litir fhaighinn a-steach, agus mar a tha mise a' tuigsinn tha mi a' dol suas faisg air £8,000 anns a' bhliadhna a bharrachd air na bh' againn anns na còig bliadhna a chaidh seachad.

Luchd-obrach

"Ma tha iad ag iarraidh piseach a thoirt air an eaconamaidh, tha iad a' dol an taobh ceàrr mu dheidhinn.

"Chan eil mise a' tuigsinn ciamar a tha iad a' smaoineachadh gu bheil duine sam bith comasach air pàigheadh £8m a bharrachd sa bhliadhna - còmhla ris na prìsean eile a tha a' dol an-àirde, sna trì mìosan a chaidh seachad.

"Gu h-àraid ann an seo, tha sinn a' toirt a-steach tòrr biadh Eadailteach, tòrr biadh Ìnnseanach. Tha an not air a thighinn sìos.

"Mar a tha an not a' tighinn sìos, 's ann as motha a tha sinne a' pàigheadh.

"£2,000, tha mi a' smaoineachadh gun robh mi air gabhail ri sin. Ach £8,000, tha e gu bhith duilich dhomh.

"Tha mi a' creidsinn gur e gearradh sìos air na luchd-obrach a' chiad rud a dh'fheumas tu sealltainn ris.

"Feumaidh mi tagradh a dhèanamh an aghaidh seo, ach chan eil mi a' sùileachadh gun toir iad tòrr sùil air.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum iad coimhead air na h-eileanan eadar-dhealaichte.

"Gum feum cuideigin sùil gheur a thoirt ciamar a tha na h-Eileanan a' dol anns na bliadhnaichean a tha romhainn, agus dè tha sinn a' dol a dh'fhàgail aig a' ghinealach a tha a' tighinn às ar dèidh.

Na h-Eileanan Canèiridh

"Dh'fheumadh sinn na cìsean a thoirt sìos gu mòr.

"Tha e tòrr nas duilghe dhuinn na gnìomhachasan a th' againn a chumail a' dol anns na h-Eileanan na tha air Tìr-Mòr.

"Chì thu sin leis mar a tha e a' cosg stuth a thoirt suas an seo.

"Bidh mise a' dol a-null dha na h-Eileanan Canèiridh. Eileanan beaga mar sinn fhìn, air an ruith bhon Spàinn, ach tha na cìsean aca cho ìosal.

"Taigh-òsta beag ann an ceann a tuath Tenerife, 5% cìs choitcheann.

"Na cìsean gu lèir, 5%.

"Ma tha bliadhna mhath aca, agus gu bheil iad a' sealltainn gu bheil iad a' leudachadh an luchd-obrach aca, gu bheil iad a' toirt barrachd obraichean air, tha iad a' faighinn 10% eile bhon chìs aca deireadh na bliadhna.

"Dh'fheumadh sinn rudeigin mar sin, airson daoine a thoirt air ais chun an eilein, companaidhean a thoirt suas an seo, agus an t-àite a bhrosnachadh agus a dhèanamh beò a-rithist," thuirt e.