Stailc aig Faslann 's a' Chùl-Phort

  • 24 Am Màrt 2017
Ionad Faslainn Image copyright Reuters
Image caption 'S ann aig Faslann a tha bàtaichean-aigeann niuclasach Bhreatainn gan cumail.

Chaidh luchd-obrach nan oifisean aig ionadan a' Chabhlaich Rìoghail aig Faslann agus aig a' Chùl-Phort air stailc, agus dragh orra mu na còirichean obrach aca.

'S ann aig Faslann a tha bàtaichean-aigeann niùclasach Trident Bhreatainn gan cumail.

Tha an t-aonadh Unite ag ràdh gun toir an stailc buaidh mhòr air obair nan ionadan.

Tha an t-aonadh ag ràdh gu bheil luchd-obrach nan oifisean a' cur gu mor ri obair a' Chabhlaich Rìoghail, gu h-àraid ann an roinnean far a bheil iad a' cumail sùil air an ìre de rèidiachd.

Ach tha iad a' cumail a-mach nach eil a' chompanaidh Babcock Marine a' sealltainn urram agus spèis dhaibh seach luchd-obrach eile.

Tha iad a' fàgail orra gu bheil iad a' feuchainn ri còirichean an luchd-obrach a lagachadh.

Tha dragh air an aonadh gum faigh buidhnean agus companaidhean eile earrainn den obair.

Thèid an luchd-obrach air a bheil barrachd na aon dleastanas air stailc aig diofar amannan. Mairidh an stailc chun a' 15mh là den Ògmhios.

Bho seo a-mach cha bhi iad ag obair uairean a bharrachd, agus cha bhi iad ri fhaotainn air an oidhche.