Àm gu bhith tosdach

  • 23 Am Màrt 2017

Tha fios againn a-nis gur ann an ath-sheachdain a thèid a' bhòt a chumail gus taic a thoirt don phrìomh mhinistear cumhachd iarraidh airson dàrna reifrinn air an neo-eisimeileachd.

Thèid crìoch a chur air an deasbad Dimairt.

Aig Holyrood an-diugh, dh'fhàs e cha mhòr do-dhèanta an deasbad a leantainn agus an naidheachd a' tighinn a-steach gun robh rudeigin uabhasach air tachairt aig Westminster.

Mean air mhean, fhuair an naidheachd a-steach don t-seòmar fhèin agus buill ga leughadh air na fònaichean-làimhe aca.

Aig an toiseach bha faireachdainn làidir aig cuid nach bu chòir stad a chur air an deasbad idir.

Mas e ionnsaigh an aghaidh an daonn-fhlaithis a bha seo, nach bu chòir do dh'obair an daonn-fhlaithis cumail oirre?

Càirdeas

Tha cuid fhathast den bheachd gur e gèileadh ris a' cheannairc a bha anns a' cho-dhunadh an deasbad a chur dheth.

Ach ged chuir iad romhpa cumail orra aig an toiseach, aig a' cheann-thall b' e tuaiream an Oifigeir Riaghlaidh nach robh roghainn eile aca ach an deasbad a chur don dàrna taobh.

Ciamar, thuirt Ken Mac an Tòisich, a b' urrainn dhaibh an càirdeas eadar Holyrood agus Westminster agus Holyrood a dheasbad nuair a bha Westminster fhèin fo ionnsaigh?

B' e a bheachd fhèin gun robh sin a' cur bacadh air buill a' chùis a dheasbad air an dòigh agus a bu chòir.

Chan eil dùil gun toir an dàil buaidh air toradh na bhòt.

Ach saoilidh mi gun toir na thachair buaidh air a' chainnt a chleachdar.

Sgaradh

An-diugh bha na brataich aig leth-chrann agus na poilis gu mòr am follais.

Aig lean obair na Pàrlamaid.

Mar as àbhaist, thàinig Nicola Sturgeon don t-seòmar airson ceistean a fhreagairt.

Ach dh'fhàgadh poileataigs air an taobh a-muigh.

Thug na dùbhlanaich cothrom don phrìomh mhinistear rùn na Pàrlamaid a chur an cèill, nach gèilleadh an dùthaich ris a' cheannairc agus nach adhbhraicheadh i sgaradh anns a' chomhairsneachd.

Is e àm a bha seo gu bhith tosdach - tillidh an t-àm go labhairt a dh'aithghearr.