Corp air a lorg aig Creig an Fhèilidh

  • 23 Am Màrt 2017
Creag an Fhèilidh Image copyright AarStudio
Image caption Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn 's aithis ann gu bheil cudeigin a dhìth aig Creig an Fhèilidh.

Tha Poileas na h-Alba air dearbhadh gun deach corp fhireannaich a lorg sa mhuir faisg air Creig an Fhèilidh san Eilean Sgitheanach.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 11:00 madainn Diardaoin, 's aithris ann gun robh cuideigin a dhìth san sgìre.

Bha sgiobaidhean maoir-chladaich Phort Rìgh, a' Chaol, Dhùn Bheagain, Steòrnabhaigh agus an Tairbeart an lùib na h-iomairt.

Chaidh lorg fhaighinn air an duine mu 16:00f. agus chaidh cobhair a dhèanamh air le luchd-meidigeach ach bhàsaich e aig an làraich.

Thuirt na poileis gu bheil iad a' feuchainn ri fios a chur do theaghlach an duine.

Dhearbh iad nach robh sian abharrasachd mun ghnothach agus thèid aithisg gu neach-casaid a' chrùin.