The Pretenders aig Belldrum

  • 23 Am Màrt 2017
The Pretenders Image copyright Jill Furmanovsky
Image caption 'S iad The Pretenders am prìomh chòmhlan a chluicheas oidhche Haoine.

Chaidh dearbhadh gun cluich The Pretenders aig an fhèis-chiùil Ghàidhealaich Belladrum am-bliadhna.

'S iad am prìomh chòmhlan a chluicheas air an Dihaoine 's an fhèis gu bhith a' ruith eadar an 3mh agus an 5mh là den Lùnastal.

Bidh Sister Sledge a' gabhail chun an àrd-ùrlair air an Diardaoin, agus Franz Ferdinand air oidhche Shathairne.

Dhearbh Sister Sledge gum biodh iad fhathast a' cluich aig an fhèis às dèidh bàs tè de bhuill a' chòmhlain, Joni Sledge, bho chionn beagan sheachdainnean.

Tha KT Tunstall, Karine Polwart agus an còmhlan Feeder am measg an luchd-ciùil eile a nochdas aig an fhèis faisg air a' Mhanachainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile