Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Westminster

Thuirt am Prìomhaire, Theresa May, ann an Taigh nan Cumantan, gur aithne dha na seirbheisean tèarainteachd an duine a thug an ionnsaigh air Westminster an-dè. Thuirt i gun do rugadh e ann am Breatainn agus gun do rinn MI5 rannsachadh air bho chionn beagan bhliadhnaichean airson a cheanglaichean ri ceannairc radaigich. Thuirt i ge-tà, nach robh e air aire nan seirbheisean tèarainteachd bho chionn ghoirid. Tha ochdnar an grèim aig na Poilis an dèidh rèidean tron oidhche air togalaichean ann an Lunnainn agus Birmingham 's iad a' rannsachadh mar a bhuail an ceannairceach le càr ann an daoine air Drochaid Westminster mus tug e ionnsaigh mhairbhteach le sgithinn air an oifigear poilis Keith Palmer aig Taighean na Pàrlamaid. Chaill ceathrar am beatha, agus an ceannairceach nam measg nuair a loisg na Poilis air. Chaidh 40 duine a leòn, agus tha seachdnar dhiubh sin gu math ìosal. Bha mionaid de shàmhchar aig Whitehall agus aig Scotland Yard anns a' mhadainn mar urram dha na chaill am beatha.

Referendum

Tòisichidh an deasbad air an dàrna referendum an Alba Dimàirt seo tighinn an dèidh stad air an deasbad an-dè leis na thachair aig Westminster. Leig am Pàrtaidh Uaine seachad an ùine deasbaid a bha romhpasan gus am bi deasbad agus bhòt ann air iarrtas Nicola Sturgeon airson an dàrna referendum air neo-eisimeileachd.

Peinnseanan

Tha dà aithisg ùr dhan Riaghaltas ag ràdh gu bheil a h-uile coltas ann gun tèid an aois aig am faigh daoine peinnsean na stàite suas a-rithist. Tha aon aithisg ag ràdh gur dòcha nach fhaigh daoine a tha nas òige na 30 an-dràsta, peinnsean na stàite gus am bi iad 70. Tha an aithisg eile a' moladh gum bi daoine a tha nas òige na 45 an-dràsta 68 mus fhaigh iad am peinnsean.