Bìobhairean dhan iar-thuath?

  • 23 Am Màrt 2017
Bìobhair Image copyright Laurie Campbell

Tha buidheann ghlèidhteachais an dòchas airgead fhaighinn 'son bìobhairean a thilleadh gu iar-thuath na Gàidhealtachd.

Tha Trees for Life air a bhith ag obair còrr is 25 bliadhna air na planaichean seo, ach tha iad feumach air £15,000 airson an toirt gu buil.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba san t-Samhain an-uiridh gun deadh leigeil le bìobhairean a tha ma sgaoil san dùthaich cheana, fuireach, fo dhìon laghail.

Tha bìobhairean ma sgaoil ann an Earra-Ghàidheal agus air Taobh Tatha.

Thuirt an Riaghaltas cuideachd gum faodadh na bìobhairean gluasad gu àite sam bith a thogradh iad - ach gum feumadh iad sin a dhèanamh leotha fhèin.

Tha Trees for Life den bheachd ge-tà, gu bheil an Gleann Mòr na chnap-starra dhaibh, 's nach ruig iad ceann a tuath na Gàidhealtachd leotha fhèin.

Thuirt am fear a stèidhich a' bhuidheann, Alan Watson Featherstone, gun robh bìobhairean riamh nam pàirt den àrainneachd an ceann a tuath na Gàidhealtachd mus deach iad à bith ri linn seilge o chionn 400 bliadhna.

Thuirt e gu bheil cothrom aca a-niste an toirt air ais, agus gun robh iad ag iarraidh taic a' phobaill gus sin a dhèanamh.