Misneachd à ceadan sgrùdaidh ùra ola is gas

  • 23 Am Màrt 2017
Ròcabarra Image copyright Andy Strangeway/Geograph
Image caption 'S e seo a' chiad uair a thèid sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air grunnd a' chuain mu Ròcabarra.

Thuirt Ùghdarras na h-Ola is a' Ghas gu bheil iad air am misneachadh gu mòr gun deach 25 ceadan a thoirt seachad 'son sgrùdadh a dhèanamh

'S ann an làraichean nach deach a sgrùdadh gu mionaideach roimhe, timcheall air Ròcabarra agus Taobh Sear Shealtainn a bhios an obair.

'S e lùghdachadh mòr a tha seo an taca ris an turas mu dheireadh a chaidh ceadan sgrùdaidh ola a thoirt seachad bho chionn dà bhliadhna.

B' e 175 cead a chaidh a thoirt seachad an uairsin.

Tha tòrr air tachairt san dà bhliadhna mu dheireadh le prìs na h-ola a' tuiteam, is obair-sgrùdaidh a' crìonadh.

Mar sin, tha Ùghdarras na h-Ola is a' Ghas ag ràdh gu bheil iad air am misneachadh leis na ceadan ùra, is gu sònraichte leis gun tèid sgrùdadh a dhèanamh ann an àiteachan nach deach a sgrùdadh ceart roimhe.

Chosg an riaghaladair £20m mar thà air ro-sgrùdadh anns na làraichean seo feuch obair a bharrachd a bhrosnachadh, is iad ag ràdh gu bheil an naidheachd seo a' sealltainn gun robh iad ceart sin a dhèanamh.