Athchuinge mu sheirbheis mhàthaireil Ghallaibh

  • 22 Am Màrt 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Ath-chuinge mu sheirbhisean màthaireil Ghallaibh

Thèid athchuinge, le còrr is 5,000 ainm, a thoirt do Rùnaire na Slàinte an ath-sheachdain le buidhinn a tha ag iomairt airson piseach a thoirt air seirbheisean màtheireil ann an Gallaibh.

'S iad a-nis mnathan-glùine, seach àrd-dhotairean, a tha os cionn na seirbheis ann an Ospadal Ghallaibh ann an Inbhir Ùige.

Tha luchd-iomairt a' cumail a-mach gu bheil an t-atharrachadh a' cur slàinte bhoireannach a tha an dùil ri leanabh ann an cunnart leis gum feum barrachd dhiubh siubhal gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis - astar de chòrr is ceud mìle.

Bheir iad an athchuinge do Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, an ath-sheachdain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile