Togail do phlanaichean sgoil Chàrlabhaigh

  • 22 Am Màrt 2017
Càrlabhagh Image copyright Alan Stewart/Geograph
Image caption Thèid an seann sgoil a leasachadh mar ghoireas dhan choimhearsnachd.

Fhuair Comann Coimhearsnachd Chàrlabhaigh £74,758 bho Stòras an Fhearainn 's iad airson seann sgoil a' bhaile, air taobh siar Leòdhais, a leasachadh mar bhùth agus goireas dhan choimhearsnachd.

Tha oifis-puist, oifisean agus àite do ghnothachasan ùra am measg na th' anns an amharc aca.

Dhùin an sgoil ann an 2013, agus tha a' bhuidheann an dùil a ceannach bho Chomhairle nan Eilean Siar airson £9,000.

Goireasan ùra

Thuirt oifigear-leasachaidh Urras Oighreachd Chàrlabhaigh, Sally Reynolds, gu bheil feum air tuilleadh ghoireasan anns a' choimhearsnachd.

"Chan eil peatrol againn ann an seo, chan eil bùth againn 's chan eil oifis-puist ann an Càrlabhagh an-dràsta, so tha iad ag iarraidh rudan mar sin ann am meadhan a' bhaile agus dìreach àite airson a h-uile duine a' cumail cèilidh 's rud sam bith a tha iad a' dèanamh".

Thuirt i gu bheil obair mhòr ri dhèanamh fhathast airson am pròiseact a thoirt gu buil.

"Tha tòrr obrach air a bhith air a dhèanamh, agus tha tòrr mòr obrach a dh'fheumas a bhith air a dhèanamh, agus tha dreuchd ùr gu bhith a' tòiseachadh - tha iad a' cur a-mach sanas an-dràsta - tha oifigear leasachaidh ùr gu bhith ann 'son coimhead airson an airgid agus am plana a chur ri chèile".

Tuilleadh air an sgeulachd seo