Dh'fhaodadh seirbheis bìdhe sguir
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dh'fhaodadh gun sguir seirbheis bìdhe do sheann daoine anns na h-Eileanan Siar

22 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha ceistean a' cuairteachadh seirbheis anns na h-Eileanan an Iar a tha a' toirt biadh do sheann daoine nan dachannan fhèin.

Chan eil uidhir de dhaoine 's a bha dùil a' cur feum air an t-seirbheis, agus tha sin a' toirt buaidh mhòr air cosgaisean.

Mar a tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris, mura tèid fuasgladh fhaighinn air an t-suidheachadh, dh'fhaodadh gun tig an t-seirbheis gu crìch aig deireadh a' Ghiblein.