Cnàmhan gan ceangail ri Murt Eilein Eige

  • 22 Am Màrt 2017
Uamh Fhraing Image copyright Christian Jones/Geograph
Image caption Beul na h-uamha ann an Eige

Tha eòlaichean air ceangail a dhèanamh eadar cnàmhan a chaidh a lorg ann an uamh ann an Eige ri murt a theab cur às do shluagh an eilein san 16mh Linn.

Chaidh còrr is 50 cnàmh a lorg às dèidh do bhuidhinn de luchd-turais pìosan cnàimhe fhaighinn ann an Uamh Fhraing air an eilean an-uiridh.

A rèir sgrùdaidh a rinneadh le eòlaichean aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba, 's ann bhon 16mh Linn a bha na cnàmhan.

Chaidh mu 400 eileanach - a bha nan Dòmhnallaich - a mhurt le buidhinn de Sgitheanaich bho Chloinn MhicLeòid a bha ri creachadh air an eilean.

Bha na Dòmhnallaich air a bhith falaichte anns an uamh fad trì là mus deach an lorg.

Lìon na Leòdaich beul na h-uamha le fraoch is rudan eile mus do chuir iad e na theine.

Sireadh chuimhneachan

Chaidh na Dòmhnallaich uile a mhùchadh leis a' cheò agus chaidh na cuirp aca fhàgail san uamh.

Tha dùil gun do thachair seo timcheall air a' bhliadhna 1577.

Thairis air na bliadhnaichean tha daoine a bha a' sireadh chuimhneachan air cnàmhan a thoirt às an uamh mus deach iarraidh air na h-ùghdarrasan na pìosan cuirp a bha air fhàgail a thiodhlacadh ann an cladh an eilein.

Ach bha luchd-turais a' tadhal air an uamh san Dàmhar an-uiridh agus fhuair iadsan lorg air grunn chnàmhan.

Às dèidh sin, fhuair arc-eòlaichean 53 cnàimh a bharrachd uile gu lèir san uamh.

Tha an neach-eachdraidh Camille Dressler, a tha stèidhichte ann an Eige, den bheachd gur dòcha gu bheil seo air thighinn am follais ri linn fuasglaidh nàdarra talmhainn.

Thuirt i gu bheil i an dòchas gum brosnaich seo tuilleadh rannsachaidh a dèanamh air na cnàmhan agus air a' mhurt mus tèid na cnàmhan a thiodhlaiceadh sa chladh cuideachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile