Dragh mu leasachadh uisge sna Hearadh

  • 22 Am Màrt 2017
Ceann a Tuath na Hearadh Image copyright Iain Mac'illEathain

Thog sluagh cheann a tuath na Hearadh dragh mun naidheachd gu bheil Uisge na h-Alba air casg gu h-obann a chur air na planaichean a bh' aca pìoban uisge ùra a chur eadar an Tairbeart agus Hùisinis.

Bha dùil gun tòisicheadh an obair Diluain am 20mh den Mhàrt, ach cha do thachair sin.

Thuirt Uisge na h-Alba gu bheil iad an dùil ath-sgrùdadh a dhèanamh air na bh' aca san amharc air sgàth 's mar a tha cosgaisean na h-obrach air èirigh.

Bha dùil aig a' bhuidhinn cuideachd sreath de choinneamhan poblach a chumail sa choimhearsnachd mun ghnothach, ach chaidh an cur dheth.

Tha duilgheadasan air a bhith ann leis an uisge anns an sgìre fad iomadach bliadhna.

Dh'innis Uisge na h-Alba bho chionn grunn math de bhliadhnaichean gun robh dùil aca pìob uisge ùr a chur an sàs.

Maill air leasachadh

Tha Urras Cheann a Tuath na Hearadh ag ràdh gu bheil mar a tha suidheachadh an uisge an dràsta a' cur maill air leasachaidhean san sgìre.

Thuirt iad gun robh na planaichean a bh' ann pìob ùr uisge a chur sìos a' ciallacahdh gun deadh leasachaidhean ùra air adhart agus gum biodh an aon sheirbheis aig a' choimhearsnachd a thaobh uisge, 's a tha aig sgìrean eile.

Thuirt cathraiche an Urrais, Calum MacAoidh gun robh a' choimhearsnachd air a bhith ag obair gu dlùth le Uisge na h-Alba mu na planaichean airson ùine mhòir agus gun robh grunn leasachaidhean anns an amharc air sàilleabh 's gun robh a' phìob ùr gu bhith air a cur an sàs san sgìre.

Thuirt Uisge na h-Alba gun robh na bha an obair a' dol a chosg air a dhol suas gu mòr agus mar sin gun robh iad a' sgrùdadh nan roghainnean aca.

Thuirt iad gun toireadh iad fiosrachadh a bharrachd seachad nas fhaide air adhart am-bliadhna nuair a bhiodh an sgrùdadh aca deiseil.

Dh'iarr iad cuideachd leisgeul na coimhearsnachd airson na coinneamhan a bha iad an dùil a chumail an t-seachdain seo chaidh a chur dheth.