Fear a lorgadh air Beinn Nibheis san ospadal

  • 22 Am Màrt 2017

Thathas a' tuigsinn gu bheil fear aois 71 fo leigheas 's e air a lathadh leis an fhuachd às dèidh dha oidhche a chur seachad air Beinn Nibheis.

Chaidh aithris Diluain gu bheil Artair Bowden a dhìth leis nach do thill e bho chuairt beinne.

Fhuaireadh e le buill de sgioba teasairginn beinne Loch Abair tràth feasgar Dimàirt às dèidh cha mhòr là slàn ann an droch shìde faisg air mullach na beinne.

Tuilleadh air an sgeulachd seo