Poileasaidh Gàidhlig an Riaghaltais ga chàineadh

  • 22 Am Màrt 2017
Comhairle Mhoireibh Image copyright Ryan Main

Tha fear de Chomhairlichean Moireibh air Riaghaltas na h-Alba a chàineadh 'son a bhith a' toirt air ùghdarrasan ionadail deugachadh mhìltean notaichean de dh'airgead phoblach "a chaitheamh" air a' Ghàidhlig ann an sgìrean gun mòran ceangail rithe.

Dh'fheuch an Comh. Seòras Alexander stad a chur air Comhairle Moireibh am Plana Gàidhlig aca a chur an sàs Dimàirt, ach chaidh innse le oifigigh nach b' urrainnear sin a dhèanamh leis gun deadh e an aghaidh Achd Pàrlamaid.

Thuirt Mgr Alexander, a tha na chomhairliche neo-eisimeileach airson Farrais, gun robh an Riaghaltas coltach ri "gestapo na Gàidhlig" 's iad a' sparadh a' chànain air an dùthaich gu lèir.

Tha dùil gun cosg am plana £40,000 a chur an sàs.

Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona Nic'illInnean, gu bheil am Bòrd a' coimhead air adhart ri bhith ag obair leis a' Chomhairle air amasan a' Phlana Ghàidhlig aca a chur an sàs ann an dòigh a tha freagarrach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo