Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Bidh Pàrlamaid na h-Alba a' bhòtadh an-diugh fhathast air iarrtas Nicola Sturgeon airson referendum air neo-eisimeileachd. Tha a h-uile coltas gum faigh Riaghaltas na h-Alba cead na Pàrlamaid airson tòiseachadh air còmhraidhean ri Westminster. Tha Nicola Sturgeon ag iarraidh referendum mus fhàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach, ach tha am Prìomhaire, Theresa May, ag ràdh nach e seo an t-àm ceart airson bhòta eile.

Làraidh-Sgudail

Tha teaghlach a chaill màthair ann an sgrios làraidh-sgudail Ghlaschu anns an Dùbhlachd ann an 2014 a' dol gu Cùirt an t-Seisein, agus iad ag iarraidh airgid-dhìolaidh bho Chomhairle a' bhaile. 'S iad teaghlach Jacqueline Morton a' chiad fheadhainn, ach tha coltas ann gun dèan teaghlaichcean eile an aon rud. Thuirt Comhairle Baile Ghlaschu, dhan robh dràibhear na làraidh, Harry Clarke, ag obair, nach seas iad an aghaidh na cùise, agus gun tàinig luchd-àrachais dhaibh mar thà gu aonta leis an teaghlach.

An Stàit Ioslamach

Tha a' cho-bhanntachd eadar-nàiseanta an aghaidh na Stàite Ioslamaich a' coinneachadh ann an Washington an-diugh a chluinntinn mholaidhean a' Chinn-Suidhe Trump airson cur às do IS. Seo a' chiad uair ann an còrr is dà bhliadhna a thàinig dùthchannan na co-bhanntachd gu lèir - 68 dhiubh - còmhla anns an aon àite.

Seirbheis Bìdhe

Tha dragh ann gun sguir seirbheis a' bhìdhe do sheann daoine nan dachaigh fhèin anns na h-Eileanan an Iar. Chan eil uimhir de dhaoine 's a bha dùil a' cleachdadh na seirbheis, a thòisich ann an 2014, 's tha MacLean's Bakery, aig a bheil an cùmhnant, a' bruidhinn a-niste ri Bòrd Amalaichte nan Eilean Siar airson fuasgladh fhaighinn air an t-suidheachadh.

Uisge na Hearadh

Tha dragh air muinntir cheann a tuath na Hearadh gun do chuir Uisge na h-Alba stad an-dràsta air plana airson pìob uisge ùir eadar an Tairbeart agus Hùisinis. Bha dùil gum biodh an obair a' tòiseachadh an t-seachdain seo, ach tha Uisge na h-Alba ag ràdh gum feum iad sùil eile a thoirt air na planaichean leis gu bheil cosgais na h-obrach air èirigh. Agus chuir iad stad cuideachd air sreath choinneamhan poblach mun chùis an t-seachdain seo chaidh. Tha Urras Cheann a Tuath na Hearadh ag ràdh gu bheil an suidheachadh a' cur maill air leasachadh.

A' Bhruiseil

Tha Rìgh Philippe na Beilge os cionn sheirbheisean an-diugh a' cuimhneachadh air 32 dhuine a chaill am beatha anns na h-ionnsaighean boma anns a' Bhruiseil. Tha bliadhna ann air an là bho thug bomairean fèin-mhairbhteach ionnsaigh air port-adhair a' bhaile, agus air stèisean rèile.