Caidreachas "dòchasach" mun Choimisean ùr

  • 22 Am Màrt 2017
Coimisean na Croitearachd

Thuirt Caidreachas na Croitearachd gu bheil iad an dòchas gun tèid a' chonnspaid timcheall air Coimisean na Croitearachd an dara taobh às dèidh thaghaidhean na seachdain seo chaidh.

Chaidh sianar ùr a thaghadh airson bòrd a' Choimisein.

Ach tha an Caidreachas air ceistean a thogail mu cho freagarrach 's a tha na roinnean taghaidh.

Cha do sheas ach aon choimiseanair, Cailean Ceannadach, a-rithist airson a' bhùird ùir.

Chaill Mgr Ceannadach, a th' air a bhith aig teis-mheadhan a' bhuairidh a th' air a bhith a' dol sa Choimisean, roinn Iar-Dheas na Gàidhealtachd, agus e dà bhòt air dheireadh air Billy Nielson.

Tha Caidreachas na Croitearachd a-niste an dòchas gum bi e comasach dhan bhòrd ùr gluasad air adhart.

Ach a rèir chathraiche a' Chaidreachais, Ruiseal Mac a' Ghobhainn, thog toradh na bhòta ceistean bunaiteach mu dheidhinn nan roinnean taghaidh, agus na dòigh sa bheil croitearan air an riochdachadh.

Thuirt e gun d' fhuair am fear a chaill an taghadh sna h-Eileanan an Iar, Alasdair MacEachairne, barrachd bhòtaichean na triùir a bhuanaich ann an sgìrean eile.

Tha barrachd chroitearan sna h-Eileanan an Iar na th' ann an sgìre croitearachd sam bith eile, agus 's e aon roinn-taghaidh a th' anns an sgìre.

Tha coimiseanair ùr nan Eilean Siar, Iain MacÌomhair, air taic a thoirt dhan bheachd gum bu chòir dithis choimiseanairean ann dha na h-Eileanan - coimiseanair airson Leòdhais is na Hearadh, coimiseanair eile do dh'Uibhist is Barraigh.