Deireadh seirbheis bìdhe san dachaigh

  • 22 Am Màrt 2017
Biadh

Dh'fhaodadh gun tig an t-seirbheis bìdhe do sheann daoine anns na dachannan aca anns na h-Eileanan Siar gu crìch air an ath-mhìos.

Chan eil uimhir de dhaoine air an t-seirbheis a chur gu feum bho thòisich e 's a bhathas an dùil.

'S ann le MacLean's Bakery a tha an cùmhnant.

"Tha mi duilich, ach chan urrainn dhuinn cumail a' dol leis an t-seirbheis airson a lìbhrigeadh mar a tha e air a bhith," thuirt fear de stiùirichean na companaidh, Ailean Mac'illEathain.

"Tha am biadh math gu leòr airson a dhèanamh, agus tha sinn comasach air am biadh a dhèanamh 's a stòradh.

"Ach 's e an lìbhrigeadh, sin far a bheil a' chosgais.

"Lìbhrigeadh 's faighinn a-mach dè tha daoine ag iarraidh, ga chur uile còmhla, a' dèanamh suas òrdan.

"An àireamh a bh' ann, tha e cho beag seach an rud a bha sinne am beachd a bhiodh ann.

"Air sàilleabh sin tha a' chosgais cho daor," thuirt e.

Thuirt Bòrd Amalaichte nan Eilean Siar gu bheil còmhraidhean a' leantainn le MacLean's Bakery airson fuasgladh fhaighinn air an trioblaid.