Àrdachadh air àireamh luchd-turais Earra-Ghàidheal
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Àrdachadh air àireamh luchd-turais Earra-Ghàidheal

21 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha timcheall air 70 duine an làthair ann an Loch Obha an-diugh aig àrd-choinneamh air turasachd ann an Earra-Ghàidheal is na h-Eileanan.

Chuala a' choinneamh gum faca an sgìre an t-àrdachadh is motha ann an Alba a thaobh àireamhan luchd-turais air an t-seasan a dh'fhalbh - suas còrr is 20%.

Tha sin an coimeas ri àrdachadh de 5% airson Alba san fharsaingeachd.

Bha Andreas Wolff aig a' chruinneachadh.