Plana Gàidhlig Mhoireibh troimhe

  • 21 Am Màrt 2017
Comhairle Mhoireibh Image copyright Ryan Main

Dh'fhailich air oidhirp a rinn cuid de chomhairlichean ann am Moireibh bacadh a chur air Plana Gàidhlig chomhairle na sgìre.

Chaidh innse do bhuill gum faodadh gun robh iad a' briseadh an lagha le bhith ga dhèanamh.

Bha Comataidh Poileasaidh is Ghoireasan Chomhairle Mhoireibh a' beachdachadh air an dreach dheireannach den Phlana Gàidhlig, mus deadh a chur air adhart gu Bòrd na Gàidhlig.

Tha dleastanas laghail air a h-uile comhairle an Alba plana Gàidhlig ullachadh fo Achd na Gàidhlig.

Mhol an Comh. Seòras Alexander, agus an Comh. Iain Cowe, gun deadh bacadh a chur air a' phlana, ri linn na cosgais a tha na lùib - gu h-àraid agus airgead gu math gann - agus mar a bha iad a' faicinn nach eil ach ceangal glè bheag aig Moireibh ris a' chànan.

Ach thuirt cathraiche na comataidh, an Comh. Stiùbhart Cree, nach robh an gluasad comasach, leis gum biodh e a' ciallachadh gum biodh a' Chomhairle a' diùltadh an dleastanasan fo achd Pàrlamaid.

Mhol e, an àite sin, gun cuireadh a' chomataidh am plana troimhe, "le an làmhan air an dlùth-cheangal".