Fireannach a bha a dhìth ga lorg air Beinn Nibheis

  • 21 Am Màrt 2017
Arthus Bowden
Image caption Chaidh Arthur Bowden a dhìth faisg air a' Ghearasdan oidhche Luain.

Chaidh fireannach, a tha 71 bliadhna de dh'aois agus a chaidh a dhìth air Beinn Nibheis oidhche Luain, a lorg.

Chuireadh iomairt teasairginn air bhonn na bu thràithe Dimàirt às dèidh dha thighinn am follais gun robh Arthur Bowden ag amas air a' bheinn as àirde ann an Alba a shreap Diluain.

Dhearbh na Poilis mu 2:45f gun deach an duine a lorg air a' bheinn.

Thuirt iad gun robh iad ag obair còmhla ris na Maoir-Chladaich agus Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair airson a thoirt far na beinn le heileacoptair cho luath 's a ghabhas.