Sagart Canadianach fo rannsachadh

  • 21 Am Màrt 2017
Abaid Chille Chuimein
Image caption Chaidh an sgoil a dhùnadh ann an 1993.

Tha oidhirp air tòiseachadh gus seann sagart Caitligeach, a tha an-diugh a' fuireach ann an Canada, a thoirt a dh'Alba an co-cheangail ri casaidean drabastachd chloinne.

Thugadh barantas do dh'Oifis a' Crùin airson an t-Ath. Raibeart MacCoinnich, 84, a b' àbhaist a bhit a' teagasg aig Sgoil Abaid Chille Chuimein, a thoirt dhan dùthaich seo.

Dh'fhaodadh gun toir pròiseas na cùirteach ann an Canada suas ri bliadhna gus a' chùis a chur air dòigh.

Ghluais an t-Ath. MacCoinnich a Chanada ann an 1988, 's chaidh e na shagairt ann an Cupar, Saskatchewan, gus an do leig e dheth a dhreuchd o chionn dà bhliadhna.

Tha obair a' dol air adhart ann an Astrailia gus seann sagart eile a bha ag obair san sgoil, Denis Alexander, a thoirt a dh'Alba a fhreagairt chasaidean cuideachd.

Tha dùil ri seann sagart eile, Dominic Seed, ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis sa Chèitean fo ochd casaidean droch-dhìol aig Sgoil Abaid Chille Chuimein, a dhùin ann an 1993.