Sgrùdadh air leughadh Ghàidhlig

  • 21 Am Màrt 2017
Leabhraichean air sgeilfichean

Dè tha daoine a' leughadh anns a' Ghàidhlig anns an là a th'ann? A bheil iad ga leughadh?

Tha Comhairle nan Leabhraichean a' cur sgrùdaidh fharsainn air chois airson na ceistean sin a fhreagairt.

Aig àm nuair a tha taic phoblach dhan ghnìomhachas a' crìonadh, tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil e garbh cudromach gum bi fios aca fhèin, aig sgrìobhadairean agus aig luchd-foillseachaidh dè tha daoine ag iarraidh.

"'S e sgrùdadh a th' ann a dh'fhaodadh a bhith gu math gu math feumail dhuinne aig Comhairle nan Leabhraichean," thuirt Rosemary Ward bhon bhuidhinn.

"Tha sinn beò ann an saoghal far a bheil sinn a' faighinn rabhadh fad na tìde gu bheil an taic phoblach a tha sinn a' faighinn airson ar cuid obrach a lìbhrigeadh a' sìor chrìonadh.

"Agus feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' dèanamh an fheum as fheàrr den airgead a tha sinn a' faighinn.

"Agus tha greis mhòr, cho fad 's is aithne dhomhsa, cha chreid mise gun deach sgrùdadh a-riamh a dhèanamh air leughadh airson tlachd, agus dè seòrsa leabhraichean a tha daoine aig a bheil Gàidhlig, no daoine aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig, a' leughadh.

"Bidh e cudromach dhuinne aig Comhairle nan Leabhraichean o chionn, tha e an urra rinne a bhith a' cumail taic ri sgrìobhadairean. A' mìneachadh dha sgrìobhadairean dè seòrsa leabhraichean a bu chòir dhaibh a bhith a' sgrìobhadh.

"Dè seòrsa sgeulachdan a tha daoine ag iarraidh a leughadh?

"Tha e cho cudromach 's a ghabhas gu bheil fios aig foillsichearan gu bheil margaid ann airson an leabhraichean 's gun tèid an reic.

"Aig an ìre a tha seo, tha sinn an dùil gu bheil sinn air an ceisteachan a sgaoileadh air co-dhiù beagan is 1,000 neach.

"Tha sinn an dòchas gum faigh sinn beachdan gu math inntinneach agus farsainn air ais," thuirt i.

Gheibhear an sgrùdadh sin air làrach Comhairle nan Leabhraichean agus air a' Facebook is Twitter aca.