Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Màrtainn MacAonghais

Thuirt am Prìomhaire, Theresa May, gun robh pàirt chudromach agus eachdraidheil aig Màrtainn MacAonghais, a bha na chomanndair anns an IRA ann am pròiseas sìthe Èireann a Tuath. Chaochail seann Leas-Phrìomh Mhinistear Èireann a Tuath, a bha 66, an-raoir, an dèidh dha a bhith meadhanach airson ùine le tinneas cridhe. Thuirt Theresa May ge-tà, nach urrainn dhi àite a thoirt dhan cheannairc anns an robh Mgr MacAonghais an sàs nuair a bha e nas òige.

An Atmhorachd

Chaidh ìre na h-Armhorachd os cionn targaid Bhanca Shasainn aig 2% airson a' chiad uair bho 2013. Bha clàr an CPI suas gu 2.3% anns a' Ghearran agus eòlaichean ag ràdh gur e luach an Not a' tuiteam, agus prìs na h-ola ag èirigh as motha as adhbhar airson sin.

Referendum

Bidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh, agus a-màireach, air referendum eile air neo-eisimeileachd do dh'Alba, le dùil gun cuir a' Phàrlamaid taic ri sin ann am bhòt a-màireach. Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, ag iarraidh referendum mus fhàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach. Ach tha am Prìomhaire, Theresa May, ag ràdh nach e seo an t-àm ceart airson bhòta eile.

Agus tha dùil ri co-dhùnadh an-diugh am bi tuilleadh deasbaid ann am Pàrlamaid Westminster air referendum an Alba. Tha faisg air 200,000 ainm air ath-chuinge air-loidhne ag iarraidh casg air referendum eile, agus mar thoradh air sin tha Comataidh Athchuingean na Pàrlamaid a' beachdachadh am bu chòir do Bhuill-Phàrlamaid cothrom deasbaid eile fhaighinn air a' chùis.

Aiseag Shlèite

Tha Fòram Còmhdhail Shlèite ag ràdh gur e bàt-aiseig ùr airson na slighe an aon fhreagairt a th' ann dhan t-seirbheis eadar Malaig is Armadal. Tha muinntir Shlèite mì-thoilichte mun dòigh sa bheil Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' cur a' bhàta, a chaidh a dhealbh a dh'aona-ghnothach airson na slighe sin, an Coir' Uisg', air seirbheis Mhuile. Dhearbh Cal Mac nach bi an Coir' Uisg' a' tilleadh am-bliadhna nuair a thòisicheas clàr-ama an t-Samhraidh seachdain Dihaoine, agus gur i an Lord of the Isles agus an Loch Fyne a bhios a' seòladh eadar Malaig agus Armadal.

Gabhsann

Rinn Tuath-Gaoithe Ghabhsainn ann an Leòdhas nas fheàrr na bha dùil air a' bhliadhna a chaidh seachad, agus gheibh feadhainn aig a bheil earrainnean riadh de 5%, suas bho 4% an-uiridh. Agus chuala coinneamh bhliadhnail na buidhne an-raoir gum bi tuilleadh airgid ann airson phròiseactan anns a' choimhearsnachd.