Boireannach ga leòn am mèirle

  • 21 Am Màrt 2017
Seacaid Phoilis

Rinn na Poilis air a' Ghàidhealtachd tagradh airson fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh boireannach a leòn ann am mèirle na dachaigh ann an Inbhir Nis.

Chaidh airgead a ghoid sa mhèirle air an deireadh-sheachdain.

Thachair a' mheirle mu 9:30f oidhche Shathairne aig taigh air Rathad an t-Seann Bhaile ann an sgìre Bhaile a' Chnuic.

Chaidh boireannach a tha a' fuireach san taigh a ghoirteachadh is chaidh airgead a ghoid.

Tha na Poilis den bheachd gun robh na mèirlich ag amas gu sònraichte air an taigh.

Thuirt iad gu bheil mèirle mar seo gu math neo-àbhaisteach air a' Ghàidhealtachd.

Tha iad a' sireadh triùir fhireannach a chaidh fhaicinn ann an aodach dorcha san sgìre aig an àm, is dh'iarr iad air duine sam bith a chunnaic dad amharasach fios a chur thuca.