"Bàt-aiseig ùr a dhìth"

  • 21 Am Màrt 2017
MV Coir' Uisg'
Image caption Chan eil cead aig an MV Coir' Uisg' - a chaidh a thogail airson na slighe - seòladh oirre sa Gheamhradh.

Tha Fòram Còmhdhail Shlèite ag ràdh gur e bàt-aiseig ùr a tha dhìth airson na seirbheis eadar Malaig agus Aramadal.

Tha mì-thoileachas mòr air a bhith anns an sgìre bho chaidh am bàt-aiseig a chaidh a dhealbh a dh'aona-ghnothach airson na slighe, an MV Coir' Uisg', a chur a Mhuile.

Dhearbh CalMac nach till i am-bliadhna nuair a thòisicheas clàr-ama an t-Samhraidh.

Tha Boyd Robasdan bho Fhòram Còmhdhail Shlèite ag ràdh gur e bàta ùr am fuasgladh agus gu bheil iad air a' phuing sin a thogail le Ministear na Còmdhail.

A Shamhradh 's a Gheamhradh

"Air a' cheann fhada, 's e a tha a dhìth an seo ach bàta as urrainn a bhith a' ruith a Shamhradh agus a Gheamhradh, 's a bheir seirbheis chunbhallach dhuinn an dà chuid tro mhìosan an t-Samhraidh agus tro mhìosan a' Gheamhraidh," thuirt Mgr Robasdan.

"Sin rud nach eil air a bhith a' tachairt an seo idir chun an seo, agus anns an dà bhliadhna mu dheireadh tha gnothaichean air a bhith duilich dha-rìribh as t-Samhradh, le bàtaichean neo-fhreagarrach air an t-slighe.

"Agus ged a tha bàta air a thogail airson na slighe seo, chan eil i air a cleachdadh an seo a-nis.

"Tha sin a' fàgail nach eil seirbheis chunbhallach idir againn.

"Ghabhamaid an Coir' Uisg' air ais a-màireach, nan rachadh a tairgsinn dhuinn.

"Ged a chaidh an Coir' Uisg' a thogail airson na slighe seo a-null a Mhalaig, chan urrainn dhi obrachadh sa Gheamhradh. Chan eil cead aice bhon MCA.

"Tha sin leipideach gun deach bàta a thogail airson a bhith a' ruith eadar Armadal is Malaig agus nach urrainn dhi ruith sa Gheamhradh.

"Mar sin tha sinn a' freastal bàta a tha a' dol a-mach gu na h-Eileanan Beaga, an MV Loch Nibheis, anns a' Gheamhradh, agus tha sin a' ciallachadh nach fhaigh sinn ach dà sheirbheis san là aig toiseach an là mus tèid i a-mach gu na h-Eileanan Beaga agus nuair a thilleas i a-steach air an oidhche.

"A bharrachd air sin feumaidh tu dràibheadh oirre an comhair do chùil, agus chan eil sin a' freagairt air a h-uile duine.

An Danmhairg

"Bheireadh e còig bliadhna, tha sinn a' smaoineachadh, mus rachadh bàta ùr a h-òrdanachadh agus a thogail.

"Anns an eadar-ama feumar freagairt nas fheàrr fhaighinn airson a bhith a' ruith an seo.

"Bhiodhmaid an dòchas gun tilleadh an Coir' Uisg' an ath-bhliadhna co-dhiù, airson tha teansa gum bi bàta eile air a cheannach às an Danmhairg, agus gum bi sin comasach air a bhith a' ruith an dàrna seirbheis eadar an t-Òban agus Creag an Iubhair.

"Leigeadh sin leis a' Choir' Uisg' tilleadh an seo, agus sin rud mòr a bhiodh a dhìth oirnne anns a' gheàrr-ùine.

"Tha sinn air coinneachadh ri Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, ann an Dùn Èideann, agus thog sinn seo leis-san, 's dh'èist e gu cùramach ris a' bheachd sin, agus bha e fhèin tha mi a' smaoineachadh gu math mothachail gur e sin a dh'fheumte air a' cheann thall.

"Cuideachd fhuair sinn cothrom an aon rud a thogail nuair a thadhail buidheann bho Bhuidhinn Sgrùdaidh na h-Alba a tha a' dèanamh lèirmheas air seirbheisean aiseig na dùthcha, agus a tha a' togail fianais bho dhiofar choimhearsanchdan.

"Fhuair sinn cothrom bruidhinn riuthasan mu dheidhinn na bha a dhìth oirnn an seo, agus na feumalachdan a th' oirnn an seo airson seirbheis a ruitheas fad na bliadhna.

"Tha mi a' smaoineachadh gun do thuig iad cuideachd gur e sin am fuasgladh a dh'fheumadh a bhith ann," thuirt e.